Gàidhlig na Cagailte

Tha Michelle, Anne agus Maria a’ bruidhinn air làithean-saora.

Show Notes

Faodar tar-sgrìobhadh dhen chòmhradh seo a lorg an seo.

’S ann à Leòdhas a tha Michelle, agus ’s ann às Uibhist a Deas a tha Maria is Anne. 

Tha iad a’ bruidhinn air na làithean-saora a tha iad an dùil ris am-bliadhna, agus na làithean-saora as fheàrr air an robh iad a-riamh. 

Tha iad cuideachd a’ bruidhinn beagan air obair bhon taigh tron ghlasadh-sluaigh Covid-19 agus dè tha a’ còrdadh no nach eil a’ còrdadh riutha mu dheidhinn seo. 

What is Gàidhlig na Cagailte?

'S e sreath de chòmhraidhean air caochladh chuspairean eadar fileantaich sa Ghàidhlig a th’ anns a’ phod-chraoladh seo, a bheir taic agus misneachd do luchd-ionnsachaidh adhartach.

A’ tighinn thugaibh bho Bòrd na Gàidhlig agus Sgoil Cànain, Litreachais, Ciùil agus Cultair Lèirsinnich.