Gàidhlig na Cagailte

Tha Iain, Magaidh is Ailean a’ bruidhinn air ceòl is bàrdachd na Gàidhlig.

Show Notes

Faodar tar-sgrìobhadh dhen chòmhradh seo a lorg an seo.

An treas pàirt den chòmhradh eadar Magaidh, Ailean agus Iain. An seo tha iad a’ bruidhinn air na dòighean anns am bi ceòl agus cleachdaidhean coimhearsnachd na Gàidhlig air an cumail beò – ann an Alba agus thall thairis.

Tha iad a’ bruidhinn air a’ cheòl a bhios iad a’ cluich, agus air bàrdachd. 

What is Gàidhlig na Cagailte?

'S e sreath de chòmhraidhean air caochladh chuspairean eadar fileantaich sa Ghàidhlig a th’ anns a’ phod-chraoladh seo, a bheir taic agus misneachd do luchd-ionnsachaidh adhartach.

A’ tighinn thugaibh bho Bòrd na Gàidhlig agus Sgoil Cànain, Litreachais, Ciùil agus Cultair Lèirsinnich.