Gàidhlig na Cagailte

Tha Kirsty agus a màthair, Flora, a’ bruidhinn air a’ Ghàidhlig mar a tha i an-diugh agus mar a bha i nuair a bha Flora beag.

Show Notes

Faodar tar-sgrìobhadh dhen chòmhradh seo a lorg an seo.
‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kirsty agus a màthair Flora. Tha iad a’ bruidhinn air mar a tha iad a’ cleachdadh Gàidhlig an-diugh, còmhla, agus na dòighean anns an robh iad a’ cleachdadh Gàidhlig san àm a chaidh seachad.

Tha iad a’ beachdachadh air na trì roinnean anns an tèid cànan sam bith a chleachdadh – san taigh, aig obair no sgoil agus sa choimhearsnachd. 

What is Gàidhlig na Cagailte?

'S e sreath de chòmhraidhean air caochladh chuspairean eadar fileantaich sa Ghàidhlig a th’ anns a’ phod-chraoladh seo, a bheir taic agus misneachd do luchd-ionnsachaidh adhartach.

A’ tighinn thugaibh bho Bòrd na Gàidhlig agus Sgoil Cànain, Litreachais, Ciùil agus Cultair Lèirsinnich.